Jump to content

An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar (sgìre Phàrlamaid Westminster)

O Uicipeid
An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
A' chiad taghadh 2005
An taghadh mu dheireadh 2019

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha anns an Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar (Beurla: Rutherglen and Hamilton West).

Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Ghlaschu an Ruadh-Ghleann agus pàirtean de Hamilton a Deas.

Tha An Ruadh-Ghleann, Blantaidhr, Camas Lang agus pàirtean de Hamilton anns an sgìre seo.[1] Tha i ann an crìch ri Lannraig agus Hamilton an Ear, Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige, Glaschu a Deas, Glaschu Meadhain, Glaschu an Ear, Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear agus Tobar na Màthar agus Wishaw.

Bha frith-thaghadh anns an Dàmhair 2023 an dèidh do Mhairead Ferrier na laghan mu dheidhinn COVID a bhriseadh agus shoirbhich athchuinge ais-ghairme. Bhuannaich Michael Shanks an seat airson nan Làbarach.[2]

Ann an ath-sgrùdadh nan sgìrean Westminster ann an 2023 chaidh a mhòr-chuid dhen sgìre dha an Ruadh Ghleann.

Buill Pàrlamaid

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen Iuchar 2024.
  2. Bonar, Megan, Scott, Katy: “Labour defeats SNP to win Rutherglen and Hamilton West by-election”, BBC News. 6mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 6mh dhen Dàmhair 2023. 
  3. Brooks, Libby: “MP Margaret Ferrier faces calls to resign for flouting Covid rules”, The Guardian. 2na dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 2na dhen Dàmhair 2020. 
  4. 4.0 4.1 4.2 Rutherglen & Hamilton West”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.